Dè th’ ann an Còd Slighean Dùthchail na h-Alba?

Faigh a-mach carson a dh’fheumas tu Còd Slighean Dùthchail na h-Alba a leantainn nuair a tha thu air a’ bhlàr a-muigh.

Ann an Alba, faodaidh tu a dhol air a’ mhòrchuid den fhearann airson am blàr a-muigh a mhealtainn – cho fad is gum bi do dhòigh-ghiùlain cùramach. ’S e còraichean slighean dùthchail na h-Alba a chanar ri seo agus tha iad eadar-dhealaichte bhon t-seasamh ann an Sasainn is anns a’ Chuimrigh. Nuair a tha thu air a’ bhlàr a-muigh, feumaidh tu Còd Slighean Dùthchail na h-Alba a leantainn. 

Tha còraichean slighean dùthchail a’ buntainn, mar eisimpleir, ri beanntann is mòintichean, coilltean, tràighean is oirthirean, aibhnichean is lochan, pàircean is cuid a dh’fhearann-tuathanais. Mar a shaoileadh, tha àitichean ann air nach buin na còraichean seo, leithid taighean is gàrraidhean, toglaichean, liosan, sgoiltean is àitichean air a bheil cosgais airson faighinn a-steach. Tha còraichean slighean dùthchail a’ gabhail a-steach chur-seachadan leithid coiseachd, rothaireachd, sreap, marcachd, caidheagadh, snàmh is coimhead air fiadh-bheatha, ach chan eil e a’ gabhail a-steach chur-seachadan eile leithid urchaireachd, iasgachd no inntrigeadh le carbadan. Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh air far am faod thu a dhol agus na dh’fhaodas tu a dhèanamh ann am Pàirt 2 den Chòd

Tha Còd Slighean Dùthchail na h-Alba stèidhichte air trì prìomhachasan

  •  Cùram dha daoine eile. 
     
  • Cùram dhan àrainneachd.
     
  • Uallach a ghabhail airson do dhòigh-ghiùlain fhèin.

Tha fiosrachadh mionaideach sa Chòd air iomadh diofar cur-seachad. Feumaidh uachdaranan am fearann is uisge aca a chumail ann an dòigh a sheallas cùram dha còraichean slighean dùthchail, agus tha stiùireadh sa Chòd airson an cuideachadh le seo a dhèanamh.  

An tuilleadh fios

Prìomhachasan nuair a tha thu air a’ bhlàr a-muigh
Prìomhachasan air stiùireadh fearainn
A’ gabhail Tlachd às a’ Bhlàr A-muigh ann an Alba – bileag is postair
Bileag ‘Fios Air A’ Chòd mus fhalbh thu’ (cànanan eile)

Last updated: